Siuthad 2016-7

S2 Gaelic – Bethaney, Niamh, Chloe

On Diardaoin sia-deug am Màrt there was an event in Eden Court called Siuthad. It was a chance for 2nd year pupils, learners and fluent, to come and see what jobs there are that you can use Gaelic in. There was a few stalls there all about the different jobs you can do in Gaelic. You could get free pens, pencils and books.

Some of the workshops included people telling us their experience with using Gaelic in their daily work. We got to learn about their jobs and what they do. Once we had finished learning about the different jobs that we could use Gaelic in we got something to eat and drink which was thoroughly great then we got the bus back to school.

S2 Gaidhlig

Cameron –

Bha Siuthad math oir bha tòrr biadh ann agus choinnich mi ri caraidean a bha ag obair air Gleusta.

Marianna –

Bha e gu math sporsail agus dh’ionnsaich mi tòrr. Cuideachd bha na freebies math agus am biadh a fhuair sinn aig àm lòn.

Sian –

’S e latha math a-mach às an sgoil a bh’ ann, Bha e math faicinn na diofar obraichean a dh’fhaodadh sinn dèanamh le Gàidhlig. Cha robh fios againn càite a dh’fheumadh sinn a bhith agus cuin. Ach bha na freebies agus am biadh uabhasach math. Dh’fhaodach barrachd ‘activities’ a bhith ann, mar geamaichean spòrsail a bhios gar cuideachadh ag ionnsachadh mu dheidhinn obraichean.

Eilidh –

Bha e gu math inntinneach a’ faicinn tòrr daoine le Gàidhlig a tha le obraichean diofraichte. Chòrd e rium a’ cluinntinn na sgeulachdan a bh’ aig na daoine aig na stallaichean ri ràdh. Ach, cha robh fios againn càite an robh sinn a’ dol.

Finn –

Bha am biadh math ach bha feadhainn de na bùthtan-obrach dorainneach. Cha robh e air a chuir ann an òrdugh math, cha robh fios againn càite an robh sinn a’ dol.

Euan –

Bha an toiseach agus an stuth mu dheidhinn na meadhanan math ach bha e a’ faireachdann nach robh mòran òrdugh ann.

Calum –

Bha an latha Siuthad uabhasach math’. Bha na bùthtan-obrach math is bha am biadh. Bha tòrr daoine an sin is bha tòrr rudan ri fhaicinn cuideachd.

Connor –

Bha an rud meadhanan a’ còrdadh rium agus bha na nigheanan ann an Allt a’ Mhuilinn èibhinn oir bha iad dìreach a’ gàireachdainn a h-uile turas agus bha e math oir bha mi a’ coinneachadh le caraidean eile agam ann an sgoil eile. ’S e dìreach latha sgoinneil a bh’ ann an Siuthad.

 

 

Advertisements