Turas Ghlaschu 2016

Air an 25mh – 28mh latha den t-Sàmhain chaidh sgoilearan bho sgoiltean ann an Inbhir Nis, An t-Eilean Sgianach is Baile Dhubhthaich gu Glaschu airson turas CNAG airson Gàidhlig a bhròsneachadh. Tha an turas seo air a bhith a’ dol airson 5 bliadhna a-nis is tha na h-àireamhan de dhaoine a’ dol ann air a bhith a’ dol suas gu mòr.

Rinn sinn tòrr diofar rudan bho go-karting gu ionad-saidheans bha tòrr spòrs againn. Air a’ chiad latha chaidh sinn gu scotkart airson go-kartadh is laser-tag a’ dhèanamh. Bha reisean againn uile ann an go-kartadh, ach, ann an laser-tag bha sinn ann an ceithir buidheannan. Dearg, gorm, uaine is buidhe. Aig an deireadh ´s e buidheann gorm a’ bhuanaich. As deidh sin, chaidh sinn a’ coimhead air na pupaidean meadailt Sharmanka. Bha e uabhasach intinneach is eibhinn. Chaidh sinn gu na bùthtean dà thuras. Bha an marcaid-nollaig ann is fhuair sinn uile ‘churros’, ‘waffles’ is “Creapairean”

Air oidhche Disathairne chaidh sinn gu cèilidh ann an talla eaglais. Bha còmhlan-ciùil ann leis an t-ainm “Craicte Leis”. Bha iad uile a’ dol gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Chluich iad tòrr òrain luath is slaodach agus fhuair a h-uile duine suas airson dannsa. Cuideachd sheinn daoine bho Eirinn is bha iad uabhasach math.

An ath latha, air Didòmhnaich chaidh sinn dhan aonad-saidheans airson dà gu leth uairean. Nuair a bha sinn deiseal an sin choisich sinn dhan taisbeanadh taigh-sholais, agus choimhead sinn air an Ealain is choinnich sinn ri fireannach suas an tùr is chluich e tòrr oran air a’ phiana dhuinn. Chluich e tòrr òrain ‘Disney’ is òrain bho fiolmaichean. Dh’ith sinn dinnear anns an China Buffet King is choimhead sinn air na sholais-Nollaig aig square Sheòrais.

Le Eilidh Russell S2, Emily NicDhòmhnaill S2 agus Irene Clyne S2

Advertisements