Turas Ghlaschu 2016

Air an 25mh – 28mh latha den t-Sàmhain chaidh sgoilearan bho sgoiltean ann an Inbhir Nis, An t-Eilean Sgianach is Baile Dhubhthaich gu Glaschu airson turas CNAG airson Gàidhlig a bhròsneachadh. Tha an turas seo air a bhith a’ dol airson 5 bliadhna a-nis is tha na h-àireamhan de dhaoine a’ dol ann air a bhith a’ dol suas gu mòr.

Rinn sinn tòrr diofar rudan bho go-karting gu ionad-saidheans bha tòrr spòrs againn. Air a’ chiad latha chaidh sinn gu scotkart airson go-kartadh is laser-tag a’ dhèanamh. Bha reisean againn uile ann an go-kartadh, ach, ann an laser-tag bha sinn ann an ceithir buidheannan. Dearg, gorm, uaine is buidhe. Aig an deireadh ´s e buidheann gorm a’ bhuanaich. As deidh sin, chaidh sinn a’ coimhead air na pupaidean meadailt Sharmanka. Bha e uabhasach intinneach is eibhinn. Chaidh sinn gu na bùthtean dà thuras. Bha an marcaid-nollaig ann is fhuair sinn uile ‘churros’, ‘waffles’ is “Creapairean”

Air oidhche Disathairne chaidh sinn gu cèilidh ann an talla eaglais. Bha còmhlan-ciùil ann leis an t-ainm “Craicte Leis”. Bha iad uile a’ dol gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Chluich iad tòrr òrain luath is slaodach agus fhuair a h-uile duine suas airson dannsa. Cuideachd sheinn daoine bho Eirinn is bha iad uabhasach math.

An ath latha, air Didòmhnaich chaidh sinn dhan aonad-saidheans airson dà gu leth uairean. Nuair a bha sinn deiseal an sin choisich sinn dhan taisbeanadh taigh-sholais, agus choimhead sinn air an Ealain is choinnich sinn ri fireannach suas an tùr is chluich e tòrr oran air a’ phiana dhuinn. Chluich e tòrr òrain ‘Disney’ is òrain bho fiolmaichean. Dh’ith sinn dinnear anns an China Buffet King is choimhead sinn air na sholais-Nollaig aig square Sheòrais.

Le Eilidh Russell S2, Emily NicDhòmhnaill S2 agus Irene Clyne S2

Advertisements

Deasbad Nàiseanta nan Àrd Sgoiltean

Chaidh mi-fhìn as Alix gu Dun-Eideann airson an Iar-chuairt dheireannach dhen Deasbad agus fhuair sinn troimhe dhan chuairt dheireannach a bha anns a’ Phàrlamaid! Bha sinn a’ Deasbad an aghaidh Sgoil Ghaidhlig Ghlaschu, airson a mholaidh Gur e Dòmhnall Trump an duine ceart airson an t-saoghal aig an àm seo. As deidh Deasbad uabhasach spòrsail, lorg sinn a-mach gun do bhuannaich sinn. Bha e sgoinneil. Bha sinn a’ bruidhinn air an reidio, thog iad dealbhan dhuinn agus chaidh sinn gu reception anns a’ Pharlamaid as deidh sin.

Eilidh Nic a’ Phi AS3

We have just returned from a trip to Edinburgh where we took part in the national schools Gaelic debate. We took part in the semi-finals against two girls from Lochaber and our debate was on the motion that more choices in this day and age makes us less satisfied than our parents and we won! The next day we spent our time preparing for the final debate and did some shopping. The final took place in the parliament building and was broadcast live on BBC Radio nan Gàidheal. It was a very good debate and it was fun and the judges must have thought so too because we won! It was very exciting, it was a very good experience and it really improved our speaking skills.

Alix Aburn AS3

This slideshow requires JavaScript.