Turas dhan Eilean Sgitheanach

20150827_145533 20150827_142114

Chaidh S5/6 air turas dhan Eilean Sgitheanach an-dè far an do dh’ionnsaich iad barrachd mu na fuadaichean. Bha e air leth feumail oir tha sinn air a bhith a’ coimhead air ‘Hallaig’. a sgrìobh Somhairle MacGill-Eain, sa chlas o chionn ghoirid. Chòrd e riutha soidhnichean Gàidhlig fhaicinn agus chleachd iad tòrr facail is abairtean a dh’ionnsaich iad sa chlas (N.B. Bogha-froise = rainbow!).

Seo na bha aig tè bhon chlas Beurla (a thàinig còmhla rinn) ri ràdh mu dheidhinn:

Chaidh Lusaidh Seumas, sgoilear sa chlas Beurla aig an àrd-ìre, air turas gu Suidhisnish, baile a dh’ fhuiling buaidh nam fuadaichean anns an t-Eilean Sgitheanach tràth anns na 1850an.

“Tha adhbhar ann gur e ‘Eilean a’ Cheo’ a th’ aca air an t-Eilean Sgitheanach! Ged nach robh an aimsir buileach cho math sa bha sinn an dùil, dh’ionnsaich sinn tòrr agus chòrd a’ chuairt dhan bhaile rinn. ’S e cothrom air leth a bh’ ann ionnsachadh mu cho iomallach sa bha na daoine agus mar a dh’ fhuiling iad. Tha e doirbh a thuigsinn cho uabhasach sa bha cùisean dha na daoine ach tha am pìos bàrdachd, ‘Hallaig, a sgrìobh Somhairle MacGill-Eain ar cuideachadh. Bha againn ri coiseachd astar gu math fada ach bha sinn uile gu math toillichte Caolas Loch Aillse agus bùth nan sliseagan a ruighinn aig a cheann thall!”

20150827_132749_HDR 20150827_132235

Advertisements